Dearbhadh: le bhith a’ cur bhur n-ainm ris an tagradh seo tha sibh ag aontachadh:
- Ma bhios feum, gun cuireadh neach bho Fhèisean nan Gàidheal no a luchd-comhairleachaidh fios thugaibh airson tuilleadh fiosrachaidh a chuideachadh le co-dhùnadh a ruighinn.
- Aithisg ghoirid a chur thugainn mun phròiseact agaibh, mas e is gu bheil sibh soirbheachail tabhartas fhaotainn, agus gun gabhadh fiosrachadh bhon aithisg a chleachdadh le Fèisean nan Gàidheal no Alba Chruthachail no ann an cùis rannsachaidh.
- Gum bi an taic bho Mhaoin nan Ealan Gàidhlig follaiseach ann an stuth sam bith foillsichte, aithisgean bliadhnail, brathan- naidheachd agus eile. Gheibhear suaicheantas agus stiùireadh air mar a ghabhadh a chleachdadh san earrann seo air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal.
- Gu bheil am fiosrachadh a th’ anns an iarrtas seo fìor agus gun cuir sibh fios gu Fèisean nan Gàidheal mu atharrachadh sam bith nur pròiseact agus na h-atharrachaidhean sin aontachadh.
- Gun gabhadh am fiosrachadh a tha sibh air a thoirt dhuinn a ghlèidheadh le Fèisean nan Gàidheal agus gun gabhadh a chleachdadh gus cumail ri cùmhnant no lagh sam bith a rèir Brath Prìobhaideachd agus Poileasaidh Dìon Fiosrachaidh na buidhne.
- Gum bi fiachanas àrachais sam bith co-cheangailte ris an obair a bhios air a maoineachadh an urra ris an tagraiche. Bu chòirear beachdachadh air àrachas freagarrach agus tha sibh a’ dearbhadh nach bi gnothach aig Fèisean nan Gàidheal no Alba Chruthachail ri tagairt àrcahais sam bith a bhios ag èirigh bhon obair agaibh.
- Gun tèid maoin sam bith a thilleadh mura bi e air a chosg taobh a-staigh 6 mìosan; ma bhios an t-airgead ga chosg air obair eadar-dhealaichte bhon tagradh no mura bi aithisg mun obair ga deasachadh agus ga cur air adhart san ùine ceadaichte.
|
Declaration: by signing this application you agree that:
- If required, a member of Fèisean nan Gàidheal or its appointed advisers may contact you for further information to help with the decision-making process.
- If you are successful in securing a grant, you will provide a short report on the funded project. Information and quotes from this feedback may appear in Fèisean nan Gàidheal and Creative Scotland publications or be used in an online case study.
- If you are successful in obtaining a grant you will acknowledge the support from Maoin nan Ealan Gàidhlig in all related print, publications, annual reports, press releases and other materials as appropriate. Logos and guidance for their use are available in the funding section of Fèisean nan Gàidheal’s website.
- The information provided in the application is correct to the best of your knowledge and you will notify (and agree) any changes to your project proposal with Fèisean nan Gàidheal.
- Your consent is given for the information provided to be retained and used by Fèisean nan Gàidheal to enable it to fulfil any legal or contractual obligation, in line with the organisation’s Privacy Notice and Data Protection Policy.
- Any insurance liabilities that may arise from the activities funded will remain the responsibility of the applicant. You are advised to ensure appropriate cover is in place and you hereby indemnify Fèisean nan Gàidheal and Creative Scotland against any claim arising from your activities.
- Any payment made will be returned in full if the project does not take place within 6 months of the original start date proposed; if the funds are not used as described or if an activity report form is not submitted within the prescribed period as advised with your award.
|