• Cothroman-obrach ann an Dràma - Foirm-iarrtais

    Employment Opportunities in Gaelic Drama - Application Form
  • Tha Fèisean nan Gàidheal gu cunbhalach a’ tabhann chothroman-obrach do luchd-labhairt na Gàidhlig tro na pròiseactan dràma a bhios sinn a' riochdachadh tron t-seirbheis Fèisgoil againn. Tha sinn a’ trusadh dhaoine le Gàidhlig an-dràsta airson pròiseactan a tha sinn an dùil riochdachadh am-bliadhna, gu h-àraidh tursan sgoile a bhios a' tachairt air feadh na dùthcha. A bharrachd air cothroman do chleasaichean, tha cothroman-obrach rim faotainn do dhaoine le ùidh ann an dràma a theagasg aig Fèisean no bùthan-obrach dràma a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig aig sgoiltean. Tha cothroman-obrach cuideachd an cois ar Sgoil-shamhraidh Dràma do dhaoine le ùidh ann obair mar stiùiriche-ealain na Sgoile. Bheir dreuchd mar neach-aire no neach-taic aig an Sgoil cothrom air leth eòlas a chur air obair mar seo. Ma tha ùidh agaibh ann an obair den leithid nach lìon sibh am foirm-iarrtais seo.

    Tha a' mhòr-chuid de na pròiseactan dràma againn ag amas air clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ach tha seirbheis againn do sgoilearan bun-sgoile a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig cuideachd. Chan eil eòlas air cleasachd riatanach. Feumaidh tagraichean a bhith 18 bliadhna a dh'aois no nas sine.

    Ged nach eil na cinn-là dearbhte fhathast, tha sinn an dùil gum bi na pròiseactan againn a' gabhail àite anns na mìosan a leanas:

    • Hùb Hàb (FTMG, nan tràth bhliadhnaichean) : Gearran/ Màrt 2026
    • Meanbh-chuileag (FTMG, C5-7): Lùnastal - Sultain 2026
    • Panto na Nollaige (FTMG, C2-7): Deireadh na Sàmhna is toiseach na Dùbhlachd 2026
    • Sporan (Gàidhlig mar cànan a bharrachd, C5-7): Gearran 2027

    Thèid Sgoil-shamhraidh Dràma na bliadhna seo a chumail ann am Port Rìgh eadar 6 agus 11 an t-Iuchar 2026.

    Ma bhios ceist sam bith agaibh nach cuir sibh fios air Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal aig angus@feisean.scot.

    Fèisean nan Gàidheal regularly provides employment opportunities for Gaelic speakers through the drama projects we produce as part of our Fèisgoil service.  We are currently recruiting Gaelic speakers for this year's productions, in particular its drama tours which take place throughout the country. As well as opportunities for actors, employment opportunities are available for Gaelic speakers interested in tutoring drama at local Fèisean and delivering Gaelic medium drama workshops in schools. Our residential Gaelic Drama Summer School, which is aimed at secondary school aged Gaelic speakers, also provides opportunities for those interested in taking on the role of the School's artistic director and the role of supervisor and teaching assistant at the School and is an excellent way of gaining experience in this kind of work.  If interested please complete this online application form.

    The majority of our Gaelic language drama productions are aimed at children enrolled in Gaelic medium education but we also provide a service for primary school classes learning Gaelic as an additional language. Having experience as an actor is not essential. Applicants need to be aged 18 or above.

    Although the dates are not yet confirmed, we anticipate that our tours will take place in the following months:

    • Hùb Hàb (GME, early years): February/ March 2026
    • Meanbh-chuileag (GME P5-7): August - September 2026
    • Panto na Nollaige (GME P2-7): Late November & Early December 2026
    • Sporan (Gaelic as L2/3, P5-7): February 2027

    This year's Gaelic Drama Summer School will take place in Portree between the 6th and 11th of July 2026.

    If you've any questions please e-mail our Drama Officer Angus Macleod at angus@feisean.scot.

  •  / /
  • Stiùireadh air Foirm-tagraidh PVG / FnG PVG Guidance

    Dìonadh / Safeguarding

     

  • Ma tha ceistean sam bith agaibh mun t-seòrsa obrach a bhiodh an sàs nach cuir sibh post-d air ar n-Oifigear Dràma aig angus@feisean.scot

    If you've any questions about the kind of work involved please contact our Drama Officer Angus Macleod by e-mail at angus@feisean.scot

     

  • Image field 89
  • Should be Empty: