Thèid 5 Latha 2023 a chumail 3-8 Giblean aig Taigh-dubha nan Geàrranan, Eilean Leòdhais. 'S ann do chloinn aois àrd-sgoile a tha fileanta sa Ghàidhlig a tha 5 Latha, far am faigh com-pàirtichean an cothrom a bhith mar phàirt de choimhearsnachd Gàidhlig, a' coinneachadh ri agus ag ionnsachadh bho eòlaichean air iomadh chuspair co-cheangailte ri beatha làitheil san àite.
Bidh cothrom aig com-pàirtichean a dhol an sàs ann an iomadh chur-seachad, nam measg; croitearachd, còcaireachd, An Clò Hearach, dualchas na sgìre agus mòran eile - a bharrachd air bùithtean-obrach air puirt is òrain.
Ged nach fheum comas ciùil a bhith aig com-pàirtichean airson 5 Latha a fhrithealadh, bidh sinn a’ tabhann cothroman sònraichte ceòl is òrain ionnsachadh bho shàr luchd-ciùil na Gàidhlig. Tha sinn cho toilichte gu bheil Iain MacMaighstir againn airson ceòl a theagasg agus Ellen NicDhòmhnaill (Sian / Dàimh) a ni seinn leis a' bhuidheann!
Cosgaidh e £130 airson an tachartas, le taic ri fhaotainn do chuid de theaghlaichean ma bhios sin a dhìth, 's chan eil ach 16 àiteanan rim faotainn. Chan fheumar càil a phàigheadh gus am bi àite air a dhearbhadh dhut.
_______________
5 Latha 2023 will be held between 3-8 April at the Geàrrannan Blackhouses, Isle of Lewis. This event is open to Gaelic speaking high-school pupils giving the opportunity to participants to experience life in a Gaelic speaking community.
Participants will have the opportunity to take part in a number of activities in the community including; crofting, Harris Tweed, cooking, seatrek, local heritage and much more!
Although there is no requirement for participants to have a music ability we are pleased to offer music and song lessons with some of the finest Gaelic artists. We are delighted to have Iain MacMaster leading music workshops and we also have Ellen MacDonald (Sian/Dàimh) giving Gaelic song workshops.
The event costs £130, with support available to low-income families, and there are only 16 places available. Payment will not be required until a place is confirmed at 5 latha.
If you have any questions please contact Calum Macmillan - calum@feisean.scot