Tha sinn a' dèanamh fiughar ri ur faicinn aig an Latha Trèanaidh Dràma againn. Seo an clàr-ama agus beagan fiosrachaidh mun latha.
Clàr-ama an latha
10 – 10.30 - Fàilte agus srùbag
10.30 – 11.30 - Seisean 1: geamannan/eacarsaichean a ghabhas cleachdadh ann an clasaichean dràma
11.30 – 12.30 - Seisean 2: briathrachas freagarrach / mar a chleachdas tu Gàidhlig le luchd-ionnsachaidh no daoine aig nach eil Gàidhlig sam bith
12.30 – 1.15 - Lòn
1.15 – 2.15 - Seisean 3: A’ planadh chlasaichean dràma
2.15 – 2.30 – Srùbag
2.30 – 3.30 – Seisean 4: Mar a nì thu taisbeanadh
3.30 – 4 – Fios air ais
Bidh na seiseanan uile practaigeach ach bidh cothrom agaibh notaichean a' sgrìobhadh. Leis a sinn thoir leat leabhar notaichean agus peann agus botal uisge agus cur ort aodaich cofhurtail.
As deidh a' bhith sàs anns an tachartas seo, tha sinn an dòchas gum bi cothrom aig com-pàirtichean bùthan-obrach a stiùireadh aig Fèis neo aig Eden Court, no pairt a' gabhail ann am barrachd seiseanan trèanaidh. Leis an amas bùthan-obrach dràma a stiùireadh san àm ri teachd.
Ma tha thu ag iarraidh taic le cosgaisean-siubhail, bi cothrom agad foirm-cosgais a' lionadh air an latha.
Ma tha thu feumach air taic le cosgaisean eile cuir fios gu emacdonald@eden-court.co.uk