Sgoil-shamhraidh Dràma 2026
Tapadh leibh airson ùidh a shealltainn ann an Sgoil-shamhraidh Dràma 2026. Bidh an tachartas-còmhnaidh a' gabhail àite ann am Port Rìgh, an t-Eilean Sgitheanach eadar 6 agus 11 den Iuchar 2026*. Tha i fosgailte do sgoilearan àrd-sgoile a tha fileanta sa Ghàidhlig. Cosgaidh e £160, le taic ri fhaotainn do chuid de theaghlaichean ma bhios sin a dhìth tro Urras Shìm MhicCoinnich. Chan eil mòran àiteannan rim faotainn, mar sin, feuch gun lìon sibh am foirm seo cho luath sa ghabhas!
*Thèid àite-fuirich aig ostail na Sgoile a chur air dòigh do thagraichean a bhios a' siubhail a Phort Rìgh air Didòmhnaich 5 Iuchar.
Chan eil sinn a' sìreadh ach beagan fiosrachaidh mu na com-pàirtichean aig an ìre-sa, 's aon uair 's gu bheil àite air a dhearbhadh dha ur pàiste(an) cuiridh sinn tuilleadh fiosrachaidh a-mach. Ma bhios ceistean sam bith agaibh nach cuir sibh fios air Aonghas MacLeòid - angus@feisean.scot no 01463 225 559.