Tha Maoin Ealain agus Cultair Traidiseanta na maoin a tha air a tiomnadh bho Alba Chruthachail, air a stiùireadh le TRACS (Traditional Arts and Culture Scotland - Ealain agus Cultar Traidiseanta na h-Alba agus tha i fosgailte do dhaoine fa leth agus do bhuidhnean.
Tha a’ mhaoin air a dealbhadh gus taic a thoirt do luchd-ealain agus luchd-ciùird traidiseanta agus do bhuidhnean, airson a bhith a’ cruthachadh, a’ cluich agus a dhol air cuairt agus gus obair a thaisbeanadh.
Tha sinn a’ sireadh thagraidhean bho bhuidhnean agus daoine fa leth a tha ion-roghnach gus cur a-steach airson eadar £250.00 (an t-sùim as ìsle) agus £1200.00 (an t-sùim as àirde). Is e an ceann-latha gus an tagradh agad a chur a-steach meadhan oidhche air Diluain 11 Cèitean 2026.
Dèan cinnteach gun leugh thu an Slatan-tomhais agus Stiùiridhean TACF airson tagraichean mus lìon thu am foirm tagraidh seo.
Ma tha feum agad air cuideachadh sam bith no ma tha riatanasan sònraichte agad, cuir fios thugainn air finance@tracscotland.org.